• $0.99

Publisher Description

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th’ ann Uirsgeul an àite ris an canar Sleepy Hollow aig Giglets Gaidhlig le deilbh bheòthail dhathtach làn-mheud bhideo a thuilleadh air buadhan fuaim agus ceòl. Tha an sgeulachd dìleas don aithris mhìorbhaileach thùsail bhon Wshington Irving le cànan a tha a-nis nuadh-aimsireil agus furasta a thuigsinn. Gabhaidh an sgeul a leughadh ann an 15-20 mionaid.  


Tha Giglets Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean  agus inbhich le chèile.  


Bidh Giglets a’ foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dh’aindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a’ cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan ‘s  am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a’ cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. 


A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. 


‘S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a’ dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

GENRE
Reference
RELEASED
2013
November 14
LANGUAGE
GD
Gaelic
LENGTH
80
Pages
PUBLISHER
Giglets
SELLER
Giglets Limited
SIZE
42.3
MB

More Books by Giglets ann an Gàidhlig