Naomh Anndra Naomh Anndra

Naomh Anndra

発行者による作品情報

A h-uile madainn bidh Anndra a’ seòladh anns a’ bhàt’-iasgaich le a bhràthair, athair agus a sheanair, a’ slaodadh lìn làn èisg, a’ leum bho laimrigean gu bàtaichean agus bho bhàtaichean gu creagan. Daonnan a’ gluasad agus gu tric ga fhaighinn fhèin ann an staing, ’s fìor thoil leis a bhith a’ tarraing à daoine agus ri fealla-dhà.  Ach fhad ’s a tha e a’ fàs, tha e a’ cnuasachadh air ciamar is urrainn dha an saoghal a dhèanamh nas fheàrr. Aon latha, tha e air a bheò-ghlacadh le sgeulachd Ìosa. Tha e a’ faighinn brosnachadh, agus tha e tòiseachadh air bruidhinn mu Ìosa ri daoine àbhaisteach ann an dòigh ’s gu bheil iad a’ siubhal astaran fada gus èisteachd ris. Ann an ùine ghoirid an dèidh sin, tha Anndra air a thaghadh mar ciad abstol Ìosa agus tha e a’ faicinn mìorbhailean àraid. An dèidh a’ cheusaidh, tha treuntachd Anndra nochdail ’s e a’ toirt teachdaireachd Ìosa a dh'iomadh dùthaich, a dh’aindeoin a bhith a’ fulang an-iochd agus geur-leanmhainn. Bliadhnaichean an dèidh a bhàis, tha a chnàmhan air an toirt air soitheach air turas-mara fada agus tha iad a’ tighinn air tìr air costa na h-Alba an dèidh stoirm uabhasach.

Air a h-aithris le Màiri Anna NicUalraig (a tha air iomadh prògram a lìbhrigeadh air a’ BhBC) agus le dealbhan àlainn, seo an sgeulachd aig naomh na h-Alba, air a h-ath-innse airson na ficheadamh linn.

  • ジャンル
    宗教/スピリチュアル
    発売日
    2014年
    5月27日
    言語
    GD
    ゲール語
    ページ数
    48
    ページ
    発行者
    Sainted Media
    販売元
    Sainted Media Limited 499363086
    サイズ
    88.5
    MB
    Saint Andrew - Colouring Book Saint Andrew - Colouring Book
    2014年
    Saint Andrew Saint Andrew
    2014年
    St. Patrick St. Patrick
    2017年
    Saint Francis Saint Francis
    2017年
    San Andrés San Andrés
    2014年
    San Andrés San Andrés
    2014年