Gaidhlig Eilean an Ionmhais Gaidhlig Eilean an Ionmhais

Gaidhlig Eilean an Ionmhais

Atharrachadh bhon tiotal clasaigeach le Raibeart Louis Stevenson

    • 0,99 €
    • 0,99 €

Publisher Description

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th’ ann Eilean an Ionmhais aig Giglets Gaidhlig le deilbh bheòthail dhathtach làn-mheud bhideo a thuilleadh air buadhan fuaim agus ceòl. Tha an sgeulachd dìleas don aithris mhìorbhaileach thùsail bhon Raibeart Louis Stevenson le cànan a tha a-nis nuadh-aimsireil agus furasta a thuigsinn. Gabhaidh an sgeul a leughadh ann an 15-20 mionaid.  


Tha Giglets Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean  agus inbhich le chèile.  


Bidh Giglets a’ foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dh’aindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a’ cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan ‘s  am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a’ cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. 


A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. 


‘S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a’ dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

  • GENRE
    Reference
    RELEASED
    2012
    20 September
    LANGUAGE
    GD
    Gaelic
    LENGTH
    80
    Pages
    PUBLISHER
    Giglets
    SIZE
    7.1
    MB

    More Books by Giglets

    Romeo a Juliet Giglets yn Gymraeg Romeo a Juliet Giglets yn Gymraeg
    2016
    Othello Giglets yn Gymraeg Othello Giglets yn Gymraeg
    1228
    SmartReads in Scots The Legend o Sleepery Howe SmartReads in Scots The Legend o Sleepery Howe
    2015
    SmartReads in Scots The Broonie o the Black Haggs SmartReads in Scots The Broonie o the Black Haggs
    2015
    SmartReads in Scots Macbeth SmartReads in Scots Macbeth
    2015
    SmartReads in Scots Coont Dracula SmartReads in Scots Coont Dracula
    2015