Sgeulachd Pheadair Rabaid
The Tale of Peter Rabbit translated into Scottish Gaelic
-
- 39,00 kr
-
- 39,00 kr
Utgivarens beskrivning
Bha meas mòr aig BEATRIX POTTER air a bhith muigh air an tuath agus 's e an rud a b' annasaiche dhe h-òigridh ann an linn Bhictòria gun do chuir i seachad cuid mhòr dhe tìde ag ionnsachadh mu ainmhidhean agus a’ tarraing dhealbhan dhiubh. ’S e an gaol a bha aice air saoghal nàdair a ghluais i gu na leabhraichean beaga ainmeil aice a chruthachadh. Bhrosnaich e i gu h-àraid gun do chuir i seachad na deich bliadhna fichead mu dheireadh dhe beatha ann an Sgìre nan Loch ann an ceann a tuath Shasainn ag obair còmhla ris an Urras Nàiseanta mar thuathanach agus mar neach-gleidhidh àrainneachd.
’S e Sgeulachd Pheadair Rabaid (foillsichte 1902) a’ chiad leabhar aice, air a leudachadh bho litir le dealbhan a chuir i gu caraid òg a bha tinn. Còrr is ceud bliadhna às deidh sin, tha an sgeulachd ainmeil air mar a theich Peadar mì-mhodhail à lios Mhgr. MhicGriogair a’ còrdadh ri cloinn air feadh an t-saoghail a cheart cho math ’s a chòrd i ris a’ chiad leughadair.