Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mathain Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mathain

Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mathain

    • $0.99
    • $0.99

Publisher Description

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th’ ann Na Trì Mathain aig Giglets ann an Gaidhlig le deilbh bheòthail dhathtach làn-mheud bhideo a thuilleadh air buadhan fuaim agus ceòl.  


Tha Giglets ann an Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean  agus inbhich le chèile.  


Bidh Giglets a’ foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dh’aindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a’ cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan ‘s  am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a’ cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. 


A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. 


‘S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a’ dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

  • GENRE
    Fiction & Literature
    RELEASED
    2015
    April 1
    LANGUAGE
    GD
    Gaelic
    LENGTH
    40
    Pages
    PUBLISHER
    Giglets Limited
    SELLER
    Giglets Limited
    SIZE
    35.5
    MB

    More Books by Giglets

    SmartReads British Goblins Welsh Folklore, Fairytales and Legends SmartReads British Goblins Welsh Folklore, Fairytales and Legends
    2012
    Giglets as Gaeilge Mac Bheatha Giglets as Gaeilge Mac Bheatha
    2013
    Ayrshire's Famous People Ayrshire's Famous People
    2013
    Giglets as Gaeilge Mac Bheatha - Leagan Ultach Giglets as Gaeilge Mac Bheatha - Leagan Ultach
    2013
    Macbeth Giglets yn Gymraeg Macbeth Giglets yn Gymraeg
    2013
    Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mucan Beaga Giglets ann an Gaidhlig Na Trì Mucan Beaga
    2015