• $4.99

Publisher Description

A Gaelic book of short stories by Ian Rankin

Thing an taghadh see de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002). Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadhail Cuideigin air Eddie. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rear Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.” Eberhard (Paddy) Bort.

Tha Tormod MacGill-Eain ainmeil fad is farsaing mar-thà na sgrìobhadair ealanta ann am Beurla is ann an Gàidhlig. ’S e fianais ùr nodha air a bhuadhan a tha san eadar-theangachadh seo air obair sgrìobhadair barraichte eile. A thuilleadh air sin fhuair e coingheall o Ruaraidh Mac an t-Saoir, duine òg a tha an geall air an aon cheann-uidhe ris fhèin a ruigheachd. Tha a’ Ghàidhlig aca dìleas do bhrìgh na Beurla bheothail aig Ian Rankin: fad na h-ùine a’ seachnadh cruth doilleir. Tha Tormod MacGill-Eain gu mòr ri mholadh; dà chànan a tha cho eadar-dhealaichte is a tha a’ Beurla is a’ Ghàidhlig agus an tionndadh cho soirbheachail. Tha sinn uile fada na chomain. Iain MacAonghais

This selection from Ian Rankin’s crime stories is taken from the collections A GOOD HANGING (1992) and BEGGARS BANQUET (2002). Playback, The Dean Curse, Seeing Things, Auld Lang Syne and The Gentlemen’s Club - and Trip Trap, Facing the Music, Window of Opportunity, No Sanity Clause and Someone Got to Eddie. Nine stories feature investigations by Inspector John Rebus. The only story that does not feature Rebus is ‘Someone Got to Eddie’. That story, according to Ian Rankin, is essentially a police procedural: “It’s got a killer, it’s a got a murder victim and it’s got a twist at the end.”

ABOUT THE AUTHOR

IAN RANKIN ’S e Ian Rankin, ùghdar a bios a’ rein gu mòr gu h-eadar-nàiseanta, a sgrìobh na nobhailean sa bheil Inspeactair-sgrùdaidh Rebus agus am Fear-rannsachaidh Malcolm Fox, a bharrachd air gaoir-sgeòil eile. Chaidh na leabhraichean aige eadar-theangachadh gu 36 cànan agus tha iad a’ reic gu mòr thar corra mhòr-roinn. Fhuair Ian ceithir DUAISEAN CWA DAGGER agus duais chliùiteach Ameireaga, DUAIS EDGAR ann an 2004. Choisinn e ceuman urramach bho oilthighean Obar Tatha, Chill Rìmhinn, Hull agus Dhùn Èideann, agus fhuair e OBE airson sheirbheisean do litreachas. Roghnaich e an duais fhaotainn ann an Dùn Èideann, baile àraich, far a bheil e a’ fuzreach còmhla ri chompanach agus dithis mac.

GENRE
Mysteries & Thrillers
RELEASED
2014
November 1
LANGUAGE
GD
Gaelic
LENGTH
292
Pages
PUBLISHER
Grace Note Publications
SELLER
Gonzalo J. Mazzei
SIZE
15.7
MB

More Books by Ian Rankin