Inneal na Tìme Inneal na Tìme

Inneal na Tìme

    • $6.99
    • $6.99

Publisher Description

Nuair a dh'fhoillsich e The Time Machine ann an 1895, chruthaich H. G. Wells gnè ficsein ùr sa Bheurla. Shoirbhich le Wells gu mòr na sgrìobhadair, gu ìre mar thoradh air a' chliù a choisinn e airson The Time Machine.

'S e sgeul-frèam a th' anns an leabhar. Aig toiseach ghnothaichean, èistidh ar neach-aithris ri mìneachaidhean saidheansail (nach tuig e) bhon phrìomh phearsa, nach eil ainmichte uair sam bith san leabhar. 'S e an Siùbhlaiche-tìme a th' aig an neach-aithris air a' charactar èasgaidh seo. Nuair a chanas an Siùbhlaiche-tìme gu bheil e air inneal a dhealbhadh a tha comasach air triall air ais 's air adhart tro thìm, cha chreid an luchd-èisteachd idir e. Ach, an ath uair a choinnicheas a' bhuidheann aig taigh an t-Siùbhlaiche-tìme, cluinnidh iad sgeulachd a dh'fhàgas e doirbh dhaibh a bhith cho cinnteach.

Seo a' chiad uair a chuireadh Gàidhlig air an nobhail. San eagran seo, gheibhear aiste fhada, a tha a' mìneachadh cuid de na dùbhlain a tha an sàs anns a leithid de dh'obair.

Tha Moray Watson na àrd-ollamh ann an Oilthigh Obair Dheathain, far am bi e a' teagasg agus a' rannsachadh an dà chuid Gàidhlig agus Eadar-theangachadh. Ann an 2012, dh'fhoillsich Evertype an tionndadh Gàidhlig aige den nobhail Alice's Adventures in Wonderland. Dh'eadar-theangaich e The Hobbit, a chuireadh an clò le Evertype a-rithist, ann an 2025. A-nis, tha e ag eadar-theangachadh A Study in Scarlet, a thèid fhoillseachadh le Follais ann an 2026.

GENRE
Fiction & Literature
RELEASED
2025
March 21
LANGUAGE
EN
English
LENGTH
190
Pages
PUBLISHER
Follais Books
SELLER
Draft2Digital, LLC
SIZE
980.5
KB
Progressive Gaelic 1 Progressive Gaelic 1
2012
Gaelic Workbook 1 Gaelic Workbook 1
2024
Progressive Gaelic 2 Progressive Gaelic 2
2012